Taisbeanadh sònraichte a chomharraicheas 25 bliadhna aig an Lanntair. B’ e In and Around the Palace – sealladh dòrainneach air daoine gun dachaigh timcheall air a’ Grassmarket an Dùn Èideann - an ciad thaisbeanadh a bh’ anns an Lanntair sa Mhàrt 1985. Bhon uair sin tha Murchadh MacLeòid a chaidh a thogail an Siabost air duais UK Press Photographer of the Year a choisinn agus tha na deilbh aige air a bhith rim faicinn gu bitheanta ann am pàipearan-naidheachd mar the Guardian agus the Observer. Às dèidh 25 bliadhna tha am portfolio aige loma làn dhealbh-camara de dhaoine ainmeil, rionnagan TBh agus luchd-poileataics mar Bill Clinton, Roy Keane, Ricky Gervais, Tilda Swinton agus Michael Schumacher. A bharrachd air a sin, the e air iomadh dealbh a tha a’ comharrachadh thachartasan poileataigeach agus tachartasan san àrainneachd bhon ghalar roilleach gu staing an ionmhais a thogail thar nam bliadhnaichean.
Rugadh ’s thogadh Murchadh an Siabost air taobh siar Leòdhais. Chaidh e gu Sgoil Shiaboist 's an dèidh sin gu Dùn Èideann far an do rinn e cùrsa ann an obair dhealbh-camara aig Colaiste Napier. Airson an tuilleadh fiosrachaidh ma dheidhinn thoir sùil air www.murdophoto.com Bidh leabhar loma làn dealbh le Murchadh ri fhaighinn an cois an taisbeanaidh seo cuideachd.
Tha sinn glè thaingeil do Chlò-Mòr Innse Gall, The Guardian, Comhairle Ealain na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar agus Ealain 's Gnìomhachas airson an taic leis an taisbeanadh seo.
An Lanntair 25th Anniversary signature show. In March 1985 the inaugural show at An Lanntair was In and Around the Palace, a harrowing photographic essay on the homeless in Edinburgh's Grassmarket. Since then Shawbost-born Murdo Macleod has gone on to be a UK Press Photographer of the Year and for over a decade has featured regularly in the Guardian and the Observer newspapers. 25 years on, his portfolio includes striking, at times definitive portraits of luminaries, newsmakers and personalities including Bill Clinton, Roy Keane, Ricky Gervais, Tilda Swinton and Michael Schumacher as well as documentary images of major political and environmental events from Foot and Mouth to the recent financial crisis.
Murdo was born and raised in Shawbost on the west coast of the Isle of Lewis. He went to Shawbost school and then on to Napier College in Edinburgh where he completed a course in photography. For more information about him check out www.murdophoto.com There will also be a book available to accompany the exhibition.
The exhibition is generously supported by Harris Tweed Hebrides, The Guardian, The Scottish Arts Council, Comhairle nan Eilean Siar and Arts & Business.