OPEN MONDAY TO SATURDAY, 10AM TILL LATE...
HOME arrow WHAT'S ON arrow Exhibitions arrow Gus Wylie : The Hebrideans
Gus Wylie : The Hebrideans PDF Print E-mail
ImageRetrospective exhibition of this acclaimed book published by Birlinn

This exhibition is compiled of over 100 photographs that document characters and characteristics of the Islands that are simultaneously local and universal, historic and timeless. The fascinating photographs are Gus Wylie’s view of the changing way of life in the Hebrides. 

Gus Wylie's photographs taken over the past three decades have hitherto been the subject of two seminal publications The Hebrides and Patterns of the Hebrides.  A third major retrospective - The Hebrideans - was published by Birlinn in 2005.  

Although taken over a thirty year period, many of the iconic images date from the 70’s and 80’s and will bring back memories of recent history and show just how quickly life in the islands has changed.  While not sentimental, the photos evoke nostalgia among those who remember the Rayburn stoves, the cows being pulled along the road, the wrecks on the moorland, the un-modernised interiors. 

GUS WYLIE

 Tha Gus Wylie air a bhith a’ togail dhealbh anns na h-Eileanan, thuige ’s bhuaithe, bho chionn còrr is deich bliadhna fichead. Chan eil cruinneachadh dhealbh-camara eile ann a tha a’ ruith thar nam bliadhnaichean sin agus thairis air raon-dùthcha cho farsaing.

 Tha seo ri fhaicinn ann an grunn leabhraichean: an toiseach The Hebrides (1978); a-rithist Cur is Dlùth (1981) a nochd an riochd Beurla Patterns of the Hebrides; bha deilbh dhathte an Hebridean Light; agus rinneadh trusadh farsaing, The Hebrideans (2005).

 Càil as iongantaiche tha an cois deilbh-camara ’s e gun glèidh iad ìomhaigh is ìofachd dhaoine a tha air triall ’s nach eil tuilleadh nar measg. A thuilleadh air a sin tha e a’ toirt fa chomhair ar sùla na bha mun cuairt nan daoine sin nam beatha làitheil. Cho luath ’s a tha an dealbh air a ghabhail tha mòmaid an deilbh seachad: cha do thachair na tha anns an dealbh ach airson diog. ’S cha tachair e ach sin. Ged a tha an dealbh fhèin air do bheulaibh, tha cuspair an deilbh air gabhail seachad. Mar sin ’s e saoghal annasach a th’ ann an saoghal no cruinneachadh dhealbh: gu ìre air choreigin tha e a’ toirt nam marbh beò. (Agus, gu buileach neònach, ma chaidh an clàradh faodaidh sinn fhathast an cluinntinn cuideachd – ged a tha na their iad seachad cho luath ’s a dh’abair iad e). A’ coiseachd timcheall rùm mòr dhealbh mar seo -- a’ coimhead duine bho dhuine -- tha sinn, mar gum bitheadh, an talla nam marbh ’s iad beò.

 Ann an aon seagh ’s e an rud a thogas luchd-amhairc anns a’ chiad dol a-mach mar a chaidh an dealbh a thogail aig àm sònraichte. Biotar tric ag amas air mar a tha àirneis is sgeadachadh thaighean air atharrachadh bho thogadh an dealbh. “Seall na seann sideboards … na bùird-lìnigidh … a’ lìno ’s pàtarain a’ bhoilt …’s na seann chàraichean …”  Tha na deilbh a tha seo tarraingeach anns an t-seagh sin: mar eachdraidh fhaicsinneach, a’ seulachadh mar a bha. Agus tha seo buileach prìseil ann an dualchas leithid nan Eilean far na dh’atharraich cùisean cho buileach obann anns na bliadhnaichean sin. Chan eil sin na annas cho mòr; gun robh an t-àite na dheann a-steach gu goireasan ùra an latha. Mar as iomallaich an t-àite ’s ann as luaithe a riag gus faighinn a-steach air modernity. Ach air cùl na tha sin, tha na deilbh seo a’ toirt am follais toiseach tòiseachaidh air rud a tha
an-diugh air tighinn gu ìre ris nach robh dùil, far nach eil abhsadh idir air iarraidh gu gach nì tha nuadh airson greiseag bheag, ’s caitheamh às an t-sealladh -- gun an dàrna smuain -- gach nì a th’ air tighinn gu h-obann gu bhith air fhaicinn neo-fhasanta.

 Ach gu sònraichte, tha na deilbh tha seo air toirt gu chèile cumadh is gnè sluaigh a bha a’ tuinneachadh aon mhìr dhen Roinn-Eorpa bho chionn cheudan mòra bliadhna. Chan ann idir bho threubhan diofraichte a tha na daoine th’ air an trusadh còmhla an seo: ’s e a th’ annta ach na h-aon daoine. Nan aodainn ’s nan sùilean sàmhach gun ghluasad, ’s e tha seo ach dealbh cothromach air sluagh – sluagh aig an robh na h-aon sgeulachdan rin innse, ’s aig an robh an aon eachdraidh is dòigh-beatha air an cùlaibh, ’s aig an robh an aon chànan gus luaidh a dhèanamh orra sin. Chan eil e ao-coltach ri mar a rinn Sandar anns a’ Ghearmailt, far na dh’fheuch e ri dealbh fhaighinn air sluagh na dùthcha sin goirid ron Dàrna Cogadh. Ach ’s e tha dèanamh trusadh Gus Wylie air leth bunaiteach, mar a tha sluagh nan Eilean air sgaoileadh às a’ chèile an taca ri mar a bha, ’s mar a tha gach bunait a bha a’ cumail an t-sluaigh sin tèarainte agus slàn air an crionachadh gum bonn. ’S e seo dòigh eile anns an gabh deilbh-camara an cur an sàs ’s an cèill; ’s cha ghabhadh eisimpleir na b’ fheàrr a bhith ann na obair Wylie am measg nan Eileanach.

 
Tha ri chuimhneachadh nach deach an obair aig Wylie a dhèanamh ann an uaigneas; gu bheil e stèidhichte ann an traidisean mòr saidhbhir de dhealbhadh-camara bho air feadh an t-saoghail ach gu h-àraid à Ameireaga. Tric smaoinichear an seo air Paul Strand, gu sònraichte ri linn Tìr a’ Mhurain, ach ged a tha obair Strand daonnaichte agus gleusta bha esan e fhèin am broinn còmhlan sgileil de luchd-dhealbh – gu minig fo sgàil Alfred Steiglitz an New York. Cha ghabh obair Wylie a leughadh coileanta gun mothachadh a bhith air obair an Farm Security Administration (FSA) anns na Stàitean eadar 1935 agus 1943, le luchd-ealain dhen chiad sreath an sàs ann mar Walker Evans, Ben Shahn agus Dorothea Lange. Agus bha Wylie a-riamh a’ coimhead ri feadhainn dhe sheòrsa fhèin mar Robert Frank (cf ‘The Americans’ agus ‘The Hebrideans’) is Bruce Davidson. Agus mar fhear a thòisich mar pheantair fhuair e tòrr bho obair dhaoine mar Andrew Wyeth. Le fiosrachadh mar seo cha sheall thu ri dealbh bho Wylie le rathad fosgailte no daoine bhon cùlaibh no stèisean peatrail no càraichean air an losgadh nach fhaic thu faileasan-laimhe luchd-ealain a chaidh roimhe mar iad seo. Thathar ro dheiseil cruinneachadh dhen t-seòrsa seo a ghabhail mar rud a thachair leis fhèin -- a thachair aon uair mar gum biodh, bho aon duine, gun freumaichean mun cuairt air -- agus gun mhothachadh air an dualchas ealain-camara às an tàinig e. ’S ann mu na h-Eileanaich a tha e, ach tha e cuideachd a’ tighinn uidheamaichte le na rinneadh bho chaidh an camara a chruthachadh an toiseach.

 
Fionnlagh MacLeòid

 

 



thelongnotes120.jpg
Coming Soon:
 

Thu 14 Aug, 8pm

smalllink.gif


Events Calendar

August 2008
M T W T F S S
282930311 2 3
4 5 6 7 8 9 10
11 12 13 14 15 16 17
18 19 20 21 22 23 24
25 26 27 28 29 30 31
September 2008
M T W T F S S
1 2 3 4 5 6 7
8 9 10 11 12 13 14
15 16 17 18 19 20 21
22 23 24 25 26 27 28
29 30 1 2 3 4 5