OPEN MONDAY TO SATURDAY, 10AM TILL LATE...
HOME arrow Eachdraidh
Eachdraidh PDF Print E-mail

An Lanntair

lanntair : comharra : taigh-solais

Image“Brosnaichidh agus molaidh sinn ealantas anns a h-uile cruth; bidh sinn nar comharra do ghnìomhan chulturail anns na h-Eileanan Siar; bidh sinn dha-rìribh mar ionad do ar coimhearsnachd; riochdaichidh sinn agus bheir sinn taic do chultur na Gàidhlig.”

Chaidh An Lanntair a stèidheachadh anns an Dùbhlachd 1984 mar charthannas clàraichte, agus dh’ fhosgail e ann an Talla Bhaile Steòrnabhagh anns a’ Mhàrt 1985.

Bhon uairsin, bho thoiseach-tòiseachaidh chuibhrichte, tha sinn air cliù a stèidheachadh mar aon de na h-ionadan-ealain beaga as adhartaich ann an Alba le dearbh-aithne chulturail shònraichte.

Tha sinn air taic a thoirt don a’ chuid as fheàrr de na h-ealain lèirsinneach agus dèanadach, agus air taisbeanaidhean a chuairteachadh a choisinn cliù gu nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Is àbhaist don phrògram de thachartasan a bhith a’ gabhail a-steach ceòl traidiseanta, clasaigeach, jazz, rock agus ceòl na cruinne; cuide ri dealbhan-cluiche ioma-fhillte. Air taobh a-staigh ar prògram tha sinn a’ taisbeanadh ar dualchas Gàidhlig.

Tha sinn cuideachd air taghadh inntinneach de ghnìomhan ‘Education and Outreach,’ a leasachadh ann an coimhearsnachdan agus còmhla ri sgoiltean. Agus tha pròiseactan leantainneach air a bhith ann de dhaoine ciorramach agus daoine aig a bheil trioblaidean inntinn.

Tha na duaisean a tha sinn air faighinn nan teisteanas air na tha sinn air a thoirt gu buil. Nam measg, fhuair sinn an Arts & Tourism Trophy aig Bòrd Turasachd na h-Alba ann an 1995 airson Calanais: The Atlantic Stones, pròiseact a dh’ainmich na britheamhan mar “world class”. Ann an 2003 thug sinn comas do choimhearsnachd iomallach prìomh dhuais a bhuannachadh anns a’ cho-fharpais nàiseanta, Artworks; Young Artists of the Year.

Air 1 Dàmhair 2005, an dèidh iomairt a sheas 10 bliadhna, dh’fhosgail an t-ionad-ealain mìorbhailteach ùr mu choinneamh chala Steòrnabhaigh. Gun teagamh, tha a’ choimhearsnachd air a bhith a’ miannachadh goireas mar seo bho fhuair na h-Eileanan Siar ùghdarras aonaichte ann an 1975. Mu dheireadh thall, an dèidh deich thar fhichead bliadhna chaidh seo a thoirt gu buil. A bharrachd air a bhith mar aon de na leasachaidhean ealain as motha a bh’air Ghaidhealtachd no anns na h-Eileanan a-riamh, tha an t-ionad anabarrach cudthromach a thaobh ealain agus cultur.

Chaidh an togalach fhosgladh gu foirmeil le Seac MacChonnail BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba, air 13mh Gearran 2006.

wihayami.jpg

Coming Soon:
 

Fri 9 May, 8pm

smalllink.gif


Events Calendar

May 2008
M T W T F S S
2829301 2 3 4
5 6 7 8 9 10 11
12 13 14 15 16 17 18
19 20 21 22 23 24 25
26 27 28 29 30 31 1
June 2008
M T W T F S S
2627282930311
2 3 4 5 6 7 8
9 10 11 12 13 14 15
16 17 18 19 20 21 22
23 24 25 26 27 28 29
30 1 2 3 4 5 6